|
Oran Cumha Air Staid Cul-Sleamhnachaidh Na H-Eaglais Shaoir ( This song/poem was written in 1900 by Murdo Mackenzie (Am Poidhleat) and it tells of the backsliding of the Free Church of Scotland in the year mentioned above. Being a member of the Free Church of Scotland I sought guidance from more experienced Christians than myself as to whether or not I should include this poem on my website. I cannot read Gaelic myself and I did not wish to cause offence to my brothers and sisters in Christ. Having received advice I am now happy to include this on Apples of Gold. May it be blessed to those who are fortunate enough to understand it.) O stiur mo cheum ‘us treoraich mi, ‘S thoir seoladh dhomh ‘n an dhan ‘Us cuir mo theangadh ‘n ordugh Ann an doigh nach teid mi cearr. Bidheach d’fhocalsa na lochran dhomh Ga m’ sheoladh le do ghras ‘S gu’n gle mi ‘m punnd a fhuair mi Gus an dean mi suas na dha.
Nach cianal mar a thachair Do na teachdairean an tra a’ Ri saltairt lagh nan aithrichean ‘S g’ an tilgeadh as an ait’ Bha cogadh cruaidh ‘us fad aca Mu’n d’ fhuair iad sin gu ait’ Mu’n d’ choisin iad an t-sairsa dhuinn Ga’r saorsadh bho an stait’.
‘S iomadh galar breun a tha Ri g’eiridh ‘measg an t-sluaigh Shalaich iad na cleirean leis Duneidean, chuir a nuas Righ tha ac’ ; ‘s e Rainy th’air ‘Se fhein na shuidhe shuas Is e gealltuinn briobe dhoibh ‘s na stipeain a chur suas.
Tha briob ‘us gaol an airgoid Tha iad searbh o ‘m bun gu ‘m barr Thug Solamh dhuinne dearbhachd ‘nan lorsgan gu’m beil bas. ‘S e freumh gach uilc an sugh sca Na lub leo sin mu thra Cha toir an firinn cunntas orr’ Ach lunndairean meaghbhla.
Ach a bhunait dhaingean, sheasmhach A bh’ aig aithrichean nan gras Bu mhor a cliu na h-eachdraidh Cha ‘n fhaighear orra barr Bha run an Righ ‘s e gheallach ac’ Gu’n chog E mach a bhratach orr ‘S iad ri feathamh air gach latha Ga ‘n tabhairt dhachaidh slan.
Cha mhor a tha ri fhaicinn Do na h-aithrichean sin ann A chunnaic la an Dealachaidh ‘S a shocraich dhuinn’ am bann Bha Dr Welsh a’ labhairt ac’ ‘N uair ghabh e ad na laimh ‘S ann thug e sul air Chalmers ‘S chum na sraide ghabh na suinn.
Bha Gordanach ‘us Domhnullach An ordugh air a chul An uair a lean na comhlan iad A bhoidich le aon run Bha’n gealladh air a throcair-san ‘S na deoir s’ ruith fo’n sul Ar leam nach mealladh or iad ‘S ann ri Righ na Gloir’ bha ‘n eul.
Tha ceum ‘us ceum ‘na h-isleachadh Ri tuiteam sios gu lar An Eaglais Shaor a’ claonadh, ‘s e Ag aonadh nis ri cach ‘S iad ag iarruidh chum ‘nan oranan ‘S gu inneal ceol nan dan Gun ghuth air sailmibh Dhabhidh Bhi ga’n seinn ac’ ach na dain.
Tha ceum ‘us ceum na h-eachdraidh Anns an d’fhannaich i mu thra Bha aic aig lath ‘n Dealachaidh Ri tighinn a mach o chach. Tha Pharaobh og air eiridh innt Do nach aithne ceil’ a ghraidh ‘S gu’n tug e orr’ culsleamhnachadh ‘S a dhol a null gu cach.
Thug sibh boidean solamaint’ ‘N ‘ur oige do’n Ard Righ Gu’m biodh sibh ‘n ceangal posaidh Fad ‘ur beo ri Eaglais Shaor Ma theid sibh leis na fein-thoilich ‘S gu’n treig sibh innt ach diolain ‘S ni sibh breugan do ‘n Ard Righ.
Cliu do Eachunn Camshronach Tha air a Bhac’ ud thall Bu dileas sheas e ‘m baiteal A bha againn’ aig an am Bha thaicse ris an Athair us A Chlaidheamh-san na laimh ‘N uair a dh’ aom na gealtairean Gu ‘n coisneadh iad am bonn.
‘S e’m bonn tha mis’ a’ smusineachadh An duais a chur nis ard An t-airgoid sin tha truaileadh ann Rinn mi luaidh air sin mu thra Ged gheibh iad sin tha diteadh ac’ Cha ‘n fhaod mi dhol ro dhan O fhuair iad an t-Achd-minsachaidh Tha saorsinn ac ‘s gach cas.
Achd-mineachaidh tha dearbhadh ann Do anaman thugadh beo Ar leum gu’n d’rinn iad iomrall Anns na h-argumaid tha fo’ Chan’eil annt’ ach diomhaireachd Nach leur do dhuine beo ‘S ann bhuineas iad ri seulachadh Do Athair treud na gloir.
Cha bhi mi le Di-steidheachadh Mi fein fhad s’ bhois mi beo Cha bhi mi leis an aonadh ud Ged shlibte mi le or Cha ghabh mi uath’ Ach-mineachaidh Cha toir e saorsinn dhom-s’ ‘S a dh’aindeoin ‘s na their daoine ruim ‘S i ‘n Eaglais Shaor mo choir.
‘N uair thig an t-aonadh orduicht’ ud Cha toisich e le stri Thig na sloigh ceart comhladh leis Ri cordadh ann a’ sith Bithidh run an Athar ghloirmhor ac’ A thug a bhoid tha fior Gu’n cruinnicheadh E ‘n treud aige An ceann a cheil’ ‘nan aon.
Cha toisich e le aimhreitean Le foill a bhi ‘s gach cuis Thig gach fine th’ann aige Le daimh a’ tarruing dlu Gach sluagh ‘us cinneach ‘s canan ‘S iad a’ gabhal pairt ‘s a chuis ‘S iad mar air latha na Caingis Le aon intimm ‘s aon run.
Mun gabh sin ait’ thig comharan Theid cogaidhean nan tamh Na claimh’ean theid galtairean ‘S gu corranan a sas Bidh Satan agus slamhruidh air ‘S an ceann aig’ ann an sas ‘S ‘nuair a theid a cheannsachadh Bidh sith ‘us daimh aig cach.
Tha Dr Dods a’ dearbhadh dhuinn’ Le argumaid a bheoil Gu’m beil ‘s an fhirinn iomrall Far na ghairmeadh Adhamh beo Professor eile ‘seulachadh ‘S e fhein air dol an ceo Gur ann e bheist gun cheill aige A dh’eirich anaman beo.
MacAsgill ‘us colg ceartais air Gu’m b’ainmeil e ‘n ar duth’ich Bu tric a rinn e searmain duinn’ Air iomrallan gun achd uir Gu’m bu teagaisg mhearachd, bhreugach i Nach b’fhiach a’ toirt do chuirt ‘S ged a mhealladh iad na ceudan leis Nach tugadh Dia dhoibh gnius.
A nis ma chaidh do thaladh leis An achd ‘s na tha fo’ bhann ‘Us teagasgan an t-Slanuighear Ma dh’fhas iad dhuit ro ghann Bu tric a bha thu ‘g raitinn ruinn ‘Tha ‘n aireamh ud cho meallt’ ‘S gu’n eirich mar na faidhean dhoibh Bha aig’ Baal roimh’ ann am s’.
A mhuinntir Eilean Leodhais Bidhibh doigheal ann ur cuis ‘S e fhuair sibh teagaist ghloirmhor O na seoid aig an robh cliu Ma leana sibh an seoladh-san Reir lochran a chinn iuil ‘S mu’r dealaich sibh ri’ n comhradh-san Bheir Righ na Gloir dhuibh crun.
Bha teachdairean ro ainmeal Ged a dh’fhalbh iad againn fhin ‘us rinn iad iomadh searman dhuinn’ gu’n chearb orr’ no gu’n chli Bha spiorad mar na faidhean ac’ ‘Us iad do chach ag inns’ Gu’n eireadh suas nan aite-san Na faidhean a theid cli.
Thubhairt cuid nan searmain dealachaidh Ri labhairt air a cheann s’ Gun eireadh ann air measg’be Madaidh-allaidh ‘dheanadh call ‘S an treud leo gu’n sgapadh iad ‘S iad fhein a dhol air chall ‘S gur coltach ‘nis gu’n thachair sin ‘S an la’ tha sinn ann.
Murdo Mackenzie (Am Poidhleat) Shader Point Isle of Lewis Year - 1900 ( Murdo Mackenzie was a brother of Wiiliam Mackenzie – Bard Cnoc Chusbaig.)
|
|