Gaelic Section

Index Page

 

Ri Caoidh Fear Mo Ghràidh

 

Tha mise an seo air m’fhagail le cridhe sgàinte bruit,

Mo chompanach bha gràdhaichte leam a ghearradh bho mo thaobh;

D’aite gu brath cha lionar dhomh no ‘n ionndrain tha ‘nam chridh’,

Cuir m’ aghaidh air an fhasach seo, gu muladach leam fhein.

 

Tha trì bliadhna fichead nis bho choinnich sinn a cheil’,

‘S chan eil teagamh idir ann nach ann le stiùreadh Dhe;

Le barantas na firinn thubhairt thu ruim gu’n thubhairt E fein,

Gum bithinn na mo cheil’ agad, ‘s gum bithinn bèo nad’ dhéidh.

 

‘Se freasdal maith an Tighearna rinn gu’n choinnich sinn o thùs,

Na shealbhaich mi do bheannachdan nad’ chomunn, cha ghabh inns’;

Cha deanadh tu ‘s cha chanadh tu gun inntinn Dhe a lorg,

Biodh e tiomail no gu spioradail, seo dh’fheumadh dhuits’ bhi dearbht’.

 

Bho choinnich mi an toiseach thu bu bhlasda dhomh do chainnt’,

‘Nuair thoisich thu air labhairt rium mu Chriosd ‘sa ghràdh do chloinn;

B’e seo an ni bu taitneach leat bhi labhairt air ‘s gach am,

Is tha thu ‘nise sàsaichte leis a ghràdh air nach tig ceann.

 

Bha sinn sona anns a’ choimthional ‘s na thòisich thu air tus,

Ach bha d’oibre deiseil ann’s thionndaidh E do churs’;

Bha compaist Dhe gad’ stiùradh ‘s an gairdean nach teid clì,

Do ruintean ormsa folaicht’, gus na thoilich e thu inns’.

 

Air maduinn moch Di-luain ‘s tu ‘g abachadh gu Gloir,

Shuidh thu sios gu socrach a dhinnse dhomh mar bha;

Gràdh do chridhe ‘s do’n choimhthional ris na cheangail thu gu teann,

Is miann do chridhe ‘s do dhùrachd, nach biodh a h-aon dhiubh caillt’.

 

Fad nam maduinn labhair sinn air fiosraichean a cheil’,

Air deileagadh an Tighearna bho ghabh E ruinn an Criosd’;

Na’m biodh m’ inntinn spioradail, ‘s mo bhreanachadh na bu gheur,

Bhiodh e aithnichte gu leòr dhomh gu robh ceann tighinn air do réis.

 

Bha do ghràdh cho laidir dhomh, gun d’ thubhairt thu iomadh uair,

Nach seasadh tu an dealachadh na’n deigheadh mo ghearradh uait;

An ruintean siorruidh an Ard Righ ‘se seo mar chaidh chur sios,

Thusa thoirt gu do shonas ‘s mise fhàgail ga do chaoidh.

 

Bha do chridhe cho blàth, ‘s bha do ghnùis le aoidh a ghnàth,

Bha am beag ‘s am mór agad, ‘s air aon cha deanadh tàir,

Cha bhiodh tu nad’ choigreach aig leabaidh dhaoine tinn,

Is ait ‘s am biodh na h-amghairean, bu mhaith leat a bhi ann.

 

Bha thu sìtheal na do nàdur, bha thu càirdeil na do dhòigh,

Bho’n thainig thu do’n sgìre seo bha sonas innt’ is dòigh;

An soisgeul bha thu libhrigeadh, seadh, bheannaich Dia na Glòir,

‘S ged bha do thuras goirid, rinn thu oibre a bha mór.

 

Is iomadh oidhche shona ‘bha again anns a Phàirc,

Bha Spiorad Dhe cho aithnichte anns an fhàrdach ‘s anns an ait;

‘Nuair bhiodh na càirdean comhla ruin ‘san conaltradh cho blàth,

Bha di chuimhn tighinn air cadal agus sgios cha’n fhaigheadh àit’.

 

O nach beag an iongnadh ged bhiodh mo chridhe leònt’,

A’miannachadh le cianalas bhi maille ruit an Glòir;

Ag amharc air an t-Slanuighear, gun deur, gun chaoidh, gun bhròn,

Feadh linntinn buan na siorruidheachd, S’ seinn gu binn le ceol.

 

Ach feumaidh mise an dràsda mo réis a ruith gu ré

‘S bhi striochd ri toil mo Shlanuighear le ghràs air a bheil m’ fheum;

‘Nuair thoilicheas E ‘n Ard Righ mo ghairm a mach a tìm,

Bidh mi maille ruit ‘s na Flaitheanas leigeil beannachd leis an t-saoghal.

 

Saoghal fuar nan amhghairean, co dh’iarradh fuireach ann?

Ach ‘s math gu bheil Criosda beò againn, ‘s co-fhaireachdain aig ruin;

‘Nuair bhios E tiobal dhachaidh luchd ‘ur gràidh a ruith a réis,

Tha sinne cianail muladach ‘s ‘ur ‘n aigne triall nan déigh.

 

An cupan lion an t-Athair dhuinn, an E nach fheum sinn òl?

Oh deonaich gràs is faoighdin gu bhith striochdadh ri do dhòigh;

Tha searbhadas is mìlseachd air a mheasgachadh le gràdh,

‘S tha d’ fhirinn deanamh soilleir dhuinn, nach deòin leat bhi ri cràidh.

 

Dh’iarainn rabhadh shòluimt’ thoirt do m’ chàirdean is do m’ chloinn,

Deanamh cinnteach gu bheil Criosd aca fhads’ a bhios an cothrom ann;

Nach mise an diugh bhiodh cianal mar biodh mo dhòchas ann,

Ach dhòmhsa ‘s caraid dileas E, is greim aig air mo laimh.

 

Tha càirdean anns an t-saoghal seo is math gu bheil iad ann,

Ach aig a chuid as fhearr, chan eil iad seasmhach mar tha ‘n Ceann;

Chan eil teagamh, ach tha cinnt’ again gun dean E mar a gheall,

‘S ‘nuair ni E suas a sheudan, nach bi a h-aon air chall.

 

Ma bhios a chlann a dh’fhàg thu air a fàgail as mo dhéidhs’,

Cuiridh seo an cuimhne dhaibh gluasadan do cheum;

Dh’fhag thu eisimpleir bha maiseach, thug thu rabhaidhean dhaibh fein,

‘S ma ‘s toil le Dia am beannachadh, coinnichidh sinn gu leir.

 

Dh’iarrainn deanamh aithnichte do choimhthional na Pàirc,

Mar ghràdhaich sinn gach anam aca, sean is òg ‘sa chlann;

An Cuspair leag an làmh orra toirt ‘m buachaille bho’n treud,

Deònaich na do thròcair gum bi failte dhaibh air neamh.

 

Ge be aite ‘sam bi mo dhachaidh, ach mo chridhe bidh anns a Phàirc,

Bha aoidheachd anns gach dachaidh dhuinn is coibhneas cha ghabh cainnt’.

Ged dh’fheumas mise dealachadh ri luchd mo ghràidh ‘s mo dhaimh,

Aig Cathair Gràis bidh iad maille ruim, gach uair a theid mi ann.